Jump to content

Toledo

O Uicipeid
Toledo
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Toledo
Sgìre Castilla-La Mancha
Co-chomharran 39° 53' 05' Tuath
04° 02' 42' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 232.1 km²
Àireamh-shluaigh 83,226 (2009)
Dlùths 358.58/km²
Àireamh fòn + 34 925
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile meadhanach faisg air Ciudad Real ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Toledo (IPA: toˈleðo). Tha e suidhichte aig 515m os cionn ìre na mara,[1] 71km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 550km bho Bharcelona.[2] Tha 83,226 duine a’ fuireach ann an Toledo.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Toledo a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

B' e Livius a sgrìobh ainm a' bhaile airson a' chiad turais mar Toletum.[4] Bheiereadh sin Toletum → Tollitum, → Tollitu → Tollito, → Tolleto → Tolledo → Toledo. Tha e coltach gur ann à Tholitus (Gàidhlig: cuach-mhullach) ann an Laideann, Chaidh sin arabachadh gu طليطلة (Tulaytulah) agus iùdhachadh gu טולדות (Toldoth).

Chaidh am baile a stèidheachadh o chionn linntean leis na Ceiltich. B' e an Ròmanach Marcus Fulvius Nobilior chuir ruaig air na Ceiltich ann an 193 ro Ìosa Crìosd.[5] Thug na h-Arabaich seilbh air Toledo ann an 711 agus b' e àite far an robh Crìosdaidhean, Iùdhaich agus Muslamaich nan tàmh ann an sìth ri chèile fad linntean. Dh' aimeachadh Toldeo prìomh-bhaile na Spàinne an dèidh gun do chuireadh ruaig air na h-Arabaich san 11mh Linn rud an tug sin piseach air eaconomaidh a' bhaile.[6] Chaill e an inbhe seo ann an 1561, nuair a ghluaiseadh am prìomh-bhaile gu Madrid. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8] A dh'aindeoin seo, dh'fheuch an Riaghaltas ris a' bhaile fhaighinn air ais. Cuairtich an Arm an Caisteal ann am meadhan a' bhaile agus bha batal mòr fuilteach ann eadar 21 an t-Iuchar agus 26 an t-Sultain 1936.[9] Chaill còrr is 100 duine am beatha san chòmhstri agus bhrosnaich na thachair na Reublataich.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Toledo.[10] Cha tuit ach 342mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 831mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[11] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Ann an Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Aemet
  2. ↑ Distance Calculator
  3. ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
  4. ↑ Livius
  5. ↑ Richardson J.S, The Romans in Spain, Blackwell, 1996
  6. ↑ La Naveva
  7. ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  8. ↑ Keene J., Luchando por Franco: Voluntarios europeos al servicio de la España fascista, 1936-1939, Salvat, 2002, ISBN 84-345-6893-4.
  9. ↑ Preston P., The Spanish Civil War: Reaction, Revolution and Revenge, Harper Perennial, Lunnainn, 2006
  10. ↑ Climate Data
  11. ↑ Aemet
  12. ↑ Femp

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]